15.06.2011

15.06.2011
CU11-02
Dreach geàrr-chunntas de choinneamh Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir
Diciadain 15 an t-Ògmhios 2011 - Seòmar Mhic an Tòisich, Fàs aig 1.30f
BUILL:
Ruaraidh Iain MacLeòid (Cathraiche)
Murchadh Caimbeul
Catriona Dunn
Sandy Jones
Iain MacAsgaill
Dòmhnall MacCormaig
Maire Ni Annrachain (VC gu 3f)
Aideen Ni Mhaille
AN LÀTHAIR:
Iain Gòrdan
Iain Tormod MacLeòid
Cairistiona NicCoinnich
Nicola NicThòmais
Boyd Robasdan
Donnie Rothach
LEISGEULAN:
Daibhidh Adger
Magaidh Choineagan
Duggie MacAmhlaidh
Maighstir Seumas MacNèill
Christina Walker
PUING
GNÌOMH
FIOSRACHADH
1
1.1
Fàilte: Chuireadh fàilte air Sandy Jones don chiad choinneimh aice mar Stiùiriche
agus air Tim Armstrong agus Janni Diez a bha an làthair airson taisbeanadh air a’
phlana Ghàidhlig a thoirt seachad.
Thuirt an Cathraiche gu robh e air tadhal air Murchadh MacLeòid (aon dhe ar “Sàr
Ghàidheil”) anns an ospadal ann an Inbhirnis bho chionn ghoirid ach gu robh e duilich
innse dhan choinneimh nach robh mòran adhartais air tighinn air suidheachadh
Mhurchaidh bhon a ghabh e an stròc. Bhiomaid an dòchas gun tigeadh an t-adhartas
sin fhathast, ge-tà.
1.2
Chaidh rionnagan a chur mu choinneamh Òraid an t-Sabhail agus Sàr-Ghàidheal
2011.
GEÀRR-CHUNNTAS
2
2.1
Geàrr-chunntas CU11-01 (15/03/11): Chaidh gabhail ris a’ gheàrr-chunntas agus
chuir an Cathraiche a làmh ris.
2.2
Gnothaichean ag èirigh: Bha seirbheis chuimhneachaidh do Shir Iain Noble air a
bhith air a cumail ann an Dun Èideann air an 8mh den Ghiblein. Bha eadar trì agus
ceithir cheud air a bhith aig an t-seirbheis agus bha cuisean air a dhol gu fìor mhath.
Thugadh taing do Bhoyd ’s don sgioba a bha air a bhith sàs airson an saothair. Bha
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-1-
CU11-02
loinn agus grinneas air an t-seirbheis agus bha i air a bhith iomchaidh anns gach
dòigh mar chuimhneachan air Iain.
BALLRACHD
3
3.1
B’ e seo a’ chiad choinneamh aig Sandy Jones mar Stiùiriche. Bidh i cuideachd na
ball air a’ Chomataidh Chorporra.
UIDHEAN
4
Cha deach gin a thogail.
BEACHDAN A’ CHATHRAICHE
5
5.1
Beachdan a’ Chathraiche:
- Bhiodh cothrom ann dèiligeadh ris na prìomh phuingean fo na cinn iomchaidh.
- Chualas gum biodh Maighstir Seumas a’ gluasad dhan Òban aig deireadh an Iuchair
ach gum biodh e a’ fuireach mar Stiùiriche air a’ Bhòrd. Bhiodh e na chall san Eilean
agus bhathas duilich cluinntinn nach eil Gàidhlig aig an t-Sagairt ùr a bhios a’ tighinn
don Eilean na àite.
- Tha coltas gun tig Peter Connelly, a bha os cionn sgioba HMIe, don ath choinneimh
den Bhòrd ann an Glaschu airson mìneachadh a thoirt seachad air toraidhean an
sgrùdaidh a rinneadh sa Ghiblean.
5.2
Aithisg a’ Phrionnsapail: Thugadh fa-near aithisg a’ Phrionnsapail. Thuirt Boyd gu
robh e airson taing a thoirt don Chathraiche airson a thaic le seirbheis
chuimhneachaidh Shir Iain.
- Choisinn Dòmhnall Uilleam Stiùbhart (a bhios a’ teagasg air a’ chùrsa Cultar
Dùthchasach) sgoilearachd tron Acadamaidh Bhreatannach airson obair
rannsachaidh air Màrtainn Màrtainn. Cha d’ fhuair ach 46 à 470 iarrtasan
sgoilearachd agus mar sin chuireadh meal-a-naidheachd air Dòmhnall Uilleam.
Bhiodh cothroman math eile na lùib don Cholaiste. Bidh am pròiseact a’ tòiseachadh
san Fhaoilleach 2012 agus a’ ruith fad bliadhna.
- Chuireadh cuideachd meal-a-naidheachd air Gabhan Mac a’ Phearsain a choisinn
ceum MPhil tro oilthigh Obar Dheathain. Tha Gabhan air a bhith ag obair air seo
airson beagan bhliadhnaichean le taic a thaobh ùine is cìsean bhon Cholaiste.
TAISBEANADH/DEASBAD
6
6.1
PLANA GÀIDHLIG NA COLAISTE
Thug Tim Armstrong (a tha na Neach Rannsachaidh air pròiseact Soillse) agus Janni
Diez (Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste) taisbeanadh soilleir, feumail seachad
mu phlana agus mu phoileasaidh Gàidhlig na Colaiste. Chaidh cuideam a chur air an
dà phrìomh amas air cùl feallsanachd na Colaiste – foghlam àrd ìre tro mheadhan na
Gàidhlig agus àrainneachd-obrach tro mheadhan na Gàidhlig.
Chaidh gabhail ris a’ phlana Gàidhlig mar chiad dhreach a thèid a-nise tro chochomhairleachadh poblach airson sia seachdainean. Thig an dreach deireannach
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-2-
CU11-02
chun a’ Bhùird san t-Sultain mus tèid e gu Bòrd na Gàidhlig aig deireadh an Dàmhair.
Chaidh an sgioba a mholadh airson plana a sgrìobhadh a bha furasta a leughadh
agus a leantainn. Chaidh aontachadh gum biodh e feumail dearbhadh sa phlana
carson a tha plana an t-Sabhail nas treasa na planaichean bhuidhnean eile.
6.2
OGE
Thug an Cathraiche, Aideen agus Boyd iomradh air na tha air a bhith a’ dol bhon
choinneimh mu dheireadh a bharrachd air na bha a-cheana sgrìobhte ann am
pàipearan na coinneimh.
Thug an Cathraiche iomradh air coinneamh a bha air a cumail anns an Aghaidh Mhòr
air an 4mh den Ògmhios. B’ e Colaiste Pheairt a bha air a’ choinneimh a chur air
dòigh agus ‘s ann airson Cathraichean, Stiùirichean agus Prionnsapail nan colaistean
a bha i. Cha robh a h-uile colaiste ann an OGE air a riochdachadh ach bha a’ mhòr
chuid. ‘S ann mar chothrom do dhaoine bho na colaistean fa leth tachairt ri chèile a
bha a’ choinneamh air a bhith air a cur air dòigh ach, a bharrachd air a sin, bha
còmhraidhean feumail air àite a ghabhail a thaobh dè a bha e a’ ciallachadh gu robh
sinn a-nis air tiotal oilthigh fhaotainn agus dè an seòrsa riochd a bu choir a bhith air
an oilthigh ùr. Bha daoine gu h-aon ghuthach agus gu làidir an aghaidh an ‘Single
Tertiary Entity [1TE]’ air an robh Seumas Friseil a-mach agus bhathas air aontachadh
litir a chur gu na buill neo-eisimeileach air Cùirt an Oilthigh agus gu Mata MacIomhair,
mar Chathraiche na Cùirteach, a’ nochdadh nan draghan sin.
Bha Seumas a-nise air a’ mhodal seo atharrachadh beagan gu ‘Dispersed tertiary
entity with distributed services’ far am biodh cuid de cholaistean ceangailte mar aon
aonad ach gum biodh na colaistean speisealta, SMO nam measg, fa leth. Thuirt an
Cathraiche gur e adhartas mòr agus feumail a bha seo dhuinne ach nach biodh na
colaistean eile – an fheadhainn a bha gu bhith air an ceangal ri chèile mar aonad –
dad na bu riaraichte leis a’ mhodal ur seo na bha iad le 1TE.
Bha Aideen dhen bheachd gu bheil Seumas Friseil airson airgead na Comhairle
Maoineachaidh air fad (FE agus HE) a chur tro phrìomh oifis OGE (‘s e direach
airgead HE a tha a’ dol tro OGE an-dràsta). Tha modal eile aig am PTWG far am
biodh gach colaiste fa leth ach air an ceangal gu math nas dlùithe ri chèile agus ris a’
mheadhan.
Thuirt Boyd gu robh Mata MacIomhair agus Seumas Friseil air tadhal air a’ Cholaiste
(aig diofar amannan) bho chionn ghoirid agus gu robh cothrom air a bhith aig a’
Bhuidhinn Stiùiridh agus aig feadhainn den luchd-obrach an ceasnachadh. Tha
ceistean ann a thaobh an ‘dispersed model’ cuideachd; m. e. dè seòrsa cumhachd a
bhiodh aig na colaistean beaga? ’S e mearachd mhòr a bha air a bhith anns a’
phàipear 1TE. Bha e air ceistean creideis adhbhrachadh ach bha Seumas Friseil anise ag aideachadh gu feum prìomh oifis OGE a bhith nas lugha.
Bha a choinneamh a’ faireachdainn gu robh cus bhuidhnean an sàs aig an ìre seo.
Anns an litir bho na Cathraichean agus na Prionnsapail bha am PTWG air a mholadh
mar a’ phrìomh bhuidheann airson seo a thoirt air adhart agus a dheasbad. Leis a
sin, chaidh aontachadh gum bite riaraichte gu leòr cùisean fhàgail gus an tig
fiosrachadh às ùr bhon Chùirt.
Thuirt Sandy Jones gum bu choir dhan oilthigh a bhith a’ cleachdadh a’ phrionnsapail
Eòrpach ‘subsidiarity’, le nas urrainn de cho-dhùnaidhean a bhith gan dèanamh air an
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-3-
CU11-02
ire is isle agus is iomallaiche.
(B’ fheudar do Mhaire a’ choinneamh fhàgail seach nach robh e comasach dhi a huile duine a chluinntinn tron inneal VC ach thuirt i gun sgaoileadh i post-dealain le a
beachdan gu h-àraidh a thaobh puing 7.2 gu h-ìosal).
6.3
Roi-innleachd 2012-2015
Chaidh aontachadh gu bheil Roi-innleachd a dhìth agus gum biodh e feumail am Bòrd
Stiùiridh agus am Buidheann Stiùiridh a thoirt còmhla airson seisein còmhla ri
cuideigin bhon taobh a-muigh, ’s docha aig àm na h-ath choinneimh, mar mheadhan
air seo a thoirt air adhart. Dh’aontaich NNT faighinn a-mach am biodh e comasach
taic fhaighinn bho Cholaistean na h-Alba. Tha Sandy Jones agus Magaidh
Choineagan cuideachd deònach taic a thoirt dhuinn. ’S e Eairdsidh MacIlleathain a
bhios ga stiùireadh taobh a-staigh na Colaiste ach ’s iad na stiùirichean fhèin a
dh’fheumas “cnàmhan” an roi-innleachd a dhealbh agus aontachadh.
FOGHLAM AGUS RANNSACHADH
7
7.1
Aithisg Stiùiriche an Fhoghlaim: Thugadh fa-near aithisg Stiùiriche an Fhoghlaim.
Sgaoil Iain Tormod clàr a’ sealltainn àireamh nan oileanach airson 2011-12 (104.5
FTE). Tha seo nas fheàrr na bhathas a’ sùileachadh agus coltas nas dòchasaiche
gun ruigear an targaid de 110 FTE airson na bliadhna-sa.
7.2
FCR11-01 (15/03/11): Thugadh fa-near a’ gheàrr-chunntas bhon choinneimh mu
dheireadh.
7.2
Puingean bhon Chomataidh Foghlaim is Rannsachaidh an-diugh: Bha Maire air
draghan a thogail mun bhuidseit agus mun bhuaidh air foghlam agus rannsachadh.
IONMHAS AGUS RIANACHD
8
8.1
CoCo09-02: Thugadh fa-near a’ geàrr-chunntas bhon choinneimh mu dheireadh.
8.2
Puingean bho CoCo an diugh: Cha deach puingean sam bith a thogail.
8.3
Buidseat 2011-12: Sgaoil Iain Gòrdan dreach ùr den bhuidseat (a nochd call de
£313k aig a’ choinneimh mu dheireadh) a’ sealltainn buannachd bheag de £3,853.
Chaidh am buidseat seo tro Chomataidh an Ionmhais air 10/06/11 agus chaidh
gabhail ris.
Bha fios air a dhol don luchd-obrach às dèidh na coinneimh mu dheireadh a’
mìneachadh suidheachadh an ionmhais. Bha Iain Tormod, Iain Gòrdan agus Nicola
an uairsin air a dhol an sàs ann an rannsachadh eallaichean-obrach (workload
planning). Mar thoradh air seo bha 10 luchd-obrach air a dhol sìos gu 0.8 FTE agus
bha dreuchdan eile nach deach an lìonadh. Thugadh taing gu h-àraidh do dh’ Iain
Tormod agus do Nicola airson an dòigh anns an robh iad air an obair dhoirbh seo,
agus an luchd-obrach, a làimhseachadh.
A bharrachd air sin, chualas gu robhas ag obair air cinn-bhuidseit a shàbhaladh agus
barrachd teachd-a-steach a thogail; bha iomadach beachd a thaobh dhòighean airson
seo a dhèanamh air tighinn bhon luchd-obrach.
Thugadh seachad rabhadh don Bhòrd ge-tà gu bheil £100k de theachd-a-steach agus
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-4-
NNT
CU11-02
£53k de shàbhaladh chosgaisean nach eil fhathast ach “dòchasach”.
Nochd draghan mun t-suidheachadh eadar a’ Cholaiste agus MG Alba a thaobh
stuìdio Fàs agus chaidh aontachadh coinneamh leotha a chur air dòigh cho luath ‘s a
ghabhadh.
IG
Chaidh am buidseat aontachadh agus thèid dreach don Chomhairle Mhaoineachaidh
ro dheireadh na mìos.
IG
LEASACHADH, NA H-EALAIN AGUS PRÒISEACTAN
9
9.1
Aithisg an Stiùiriche Leasachaidh: Thugadh fa-near aithisg an Stiùiriche
Leasachaidh.
9.2
Aithisg Stiùiriche Thobar an Dualchais: Thugadh fa-near aithisg Thobar an
Dualchais agus pàipear a bharrachd ag innse gun d’ fhuaireadh £10k bho Chomann
Eachdraidh Thiriodh airson obair catalog agus £15k bho Oilthigh Salford airson Oifis
Uibhist (cùmhnant ùr). Chaidh Donnie agus Mairead Dhòmhnallach am moladh airson
an cuid saothair ann a bhith a’ cumail a phròiseact a’ dol ’s i air a bhith cho faisg air
tighinn gu crìch aig aon àm.
9.3
Carbon Management Plan: Thugadh fa-near an Carbon Management Plan a sgrìobh
Dòmhnall Angaidh MacIllinnein.
9.4
Togail airgid: Bha Dòmhnall MacCormaig air iarraidh an cuspair seo a chur air a’
chlàr-ghnothaich. Bhruidhinn e mu dheidhinn. Bha e a faireachdainn gu làidir gu
robh barrachd ann a dh’fhaodamaid, agus a bu choir dhuinn, a bhith a’ dèanamh
airson maoin a thogail. Bha e eòlach air fear, Harry Richmond, ann an Dun Èideann
a tha an sàs le bhith a’ togail airgid do dhiofar bhuidhnean. Chaidh aontachadh Mgr
Richmond a thoirt gu dìnnear ann an Dun Èideann sa chiad dhol a-mach, leis a’
Chathraiche, Dòmhnall, agus Donnie an làthair agus cuideachd Dùghall agus
Murchadh nam biodh iad saor.
Dòmhnall
MacCormaig
Chaidh aontachadh cuideachd gu bheil e glè chudromach gun dèanar obair air
stòran-data alumni na Colaiste agus air cothroman airgid a thogail bhuapasan le, mar
eisimpleir, iomairtean sònraichte. Chaidh aontachadh gum biodh Cairistiona a’ togail
air obair nan stòran-data.
CNC
GNOTHAICHEAN SGRÙDAIDH
10
10.1
Cha do dh’èirich dad.
OGE
11
11.1
Faic 6.2 gu h-àrd.
EILE
12
12.1
Òraid an t-Sabhail 2011: Chaidh aontachadh cuireadh a chur gu Seamus Heaney sa
chiad dhol a-mach agus mura biodh esan deònach cuireadh a chur gu Alasdair Allan
BPA.
BR
12.2
Sàr Ghàidheal 2011: Chaidh aontachadh an duais seo a bhuileachadh air Iain
RJM
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-5-
CU11-02
Fearchar Rothach agus Eòin Dòmhnallach. Sgrìobhadh an Cathraiche thuca.
13
13.2
GISBE: Cha do dh’èirich gnothaich iomchaidh sam bith eile.
SABHAL MÓR OSTAIG TRANSFER TO LIMITED COMPANY AND
REFINANCING
It was agreed that the Chairman could sign the aforementioned
documents in relation to incorporation on behalf of the Trust and the
Company and any other documents required in connection with the
incorporation
Corporate and Transfer
- Board minutes authorising execution of documents – to be signed by
Chairman of meeting
- Disposition of land at Sleat (three plots) – to be executed by the
Trustees
UHI
- Novation Agreement among the Trustees of Sabhal Mór Ostaig and
the Company and UHI – to be executed by the Trustees, the Company
and UHI
- Deed of Adherence to an All Party Agreement between UHI and the - Academic Partners (defined therein) – to be executed by the
Company
- Standard Security in favour of UHI over 6.25 acres at Ostaig, Sleat, - Isle of Skye to secure obligations to the Big Lottery Fund – to be
executed by the Company
- Ledingham Chalmers opinion letter – to be signed by LC
- Ledingham Chalmers letter of obligation for delivery of searches – to
be signed by LC
- Report on Title – to be signed by LC
- Discharge of existing Standard Security – to be executed by BIG
Bank
- Bond and Floating Charge over the entire assets and undertaking of
the Company – to be executed by the Company
- Standard Security over 4.67 acres at Ostaig, Sleat, Isle Of Skye – to
be executed by the Company
- Standard Security over 0.59 ha at Teanga, Sleat, Isle of Skye – to be
executed by the Company
- Standard Security over 0.614 ha at Teanga, Sleat, Isle of Skye
- Ranking Agreement among the Bank, the Big Lottery Fund and the Company regulating the ranking of securities – to be executed by the
Bank, BIG and the Company
- Secretary’s Certificate
- Ledingham Chalmers letter of obligation
- Report on Title – to be signed by LC
- Lease Reports - to be signed by LC
- Discharge of existing Standard Security – to be executed by the Bank
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-6-
CU11-02
14
Ceann-là na h-ath choinneimh: 23 an t-Sultain, Oifisean Wylie Bisset, 168 bath
Street, Glaschu, G2 4TP
G:\oifis\B\B001\01 Urrasairean\Coinneamhan\2011\CU11-02
-7-
Was this manual useful for you? yes no
Thank you for your participation!

* Your assessment is very important for improving the work of artificial intelligence, which forms the content of this project

Download PDF

advertising